Coinneamhan ath-leasachaidh fearainn

  • Air fhoillseachadh
Clach chuimhneachaidh ann an Gabhsann
Fo-thiotal an deilbh,

Tadhailidh a' bhuidheann air Gabhsann an toiseach.

Thig buidhean a tha a' sgrùdadh ath-leasachadh air laghan fearann na h-Alba dhan na h-Eileanan an Iar agus Loch Abar air an ath-mhìos.

Tha iad ag ràdh gu bheil iad airson beachd a' phobaill a chluintinn air na laghan a th'ann is mar a ghabhadh piseach a thoirt orra.

'S iad Riaghaltas na h-Alba a stèidhich Buidheann-sgrùdaidh Ath-leasachadh an Fhearainn as t-Samhradh.

Tha an t-Oll. Alison Elliot os a cionn, le taic bhon Oll. Sarah Skerratt, agus an t-Oll. Seumas Mac an t-Sealgair.

Thathas ag iarraidh orra molaidhean a chur air adhart airson crathadh a bharrachd a thoirt air na laghan fearainn a th' ann.

Bidh a' bhuidheann a' tadhail air Oighreachd Ghabhsainn ann an Leòdhas air 10mh an Dùbhlachd, agus air urrasan coimhearsnachd na Hearadh air an 11mh là.

Bidh coinneamh phoblach aca ann an Taigh-òsta na Hearadh aig 7:30f air an 11mh là, far a bheil iad airson beachd sam bith mu laghan fearainn na dùthcha a chluinntinn.

Bidh a' bhuidheann ann an Loch Abar air 12mh an Dùbhlachd, far am bi coinneamh phoblach eile aca, ann an Taigh-òsta Moorings ann am Banbhaidh aig 7:30f.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh