Main content
Sorry, this episode is not currently available

Còmhla ri Iain Moireasdan

Spòrs ionadail, nàiseanta agus bho air feadh an t-saoghail còmhla ri Iain Moireasdan. Local, national and international sport with John Morrison.

Iain Moireasdan sa chathair le na naidheachdan as ùire bho saoghal spòrs. Cluinnidh sinn bho Kerry Nic a' Phì mu ciamar a tha i a' faireachdainn mu àite fhaighinn aig Geamannan a' Cho-fhlaitheis, 's i air a taghadh airson sgioba baidhsagal beinne. A' chiad neach bho na h-Eileannan an Iar air an taghadh airson pàirt a ghabhail san tachartas. Bho Uibhist a Deas gu Brasil, Pinehurst gu Ceann a' Ghiùthsaich gu Steòrnabhagh. Fiosrachadh ùr is inntinneach bho ball-coise, goilf, iomain, baidhsagal beinne agus gu leòr eile.

57 minutes

Last on

Sat 14 Jun 2014 09:03

Clip

Sùil air Spòrs le Ailig O'Henley

Sùil air Spòrs le Ailig O'Henley

Kerry Nic a Phì agus am bruadar a thàinig gu buil

Mo mhòr bheannachd air Kerry Nic a Phì! Thairis air a’ chola-deug mu dheireadh, tha i fhèin san fheadhainn as fhaisge oirre air a bhith air bhioran, ‘s iad a’ feuchainn ris an naidheachd a chumail aca fhèin gun robh i air àite a chosnadh ann an sgioba na h-Alba airson Geamachan a’ Cho-fhlaitheis. Ach mu dheireadh thall fhuair a h-uile duine a-mach Diardaoin seo chaidh gun deach a h-ainmeachadh san sgioba rothaireachd beinne airson Glaschu 2014, a thuilleadh air a bhith sa chiad àite air an liosta ma bhios feum oirre son an sgioba rathaid.
Feumaidh mi a ràdh gu bheil an stòiridh seo nas fhaisge air mo chridhe fhèin air sàilleabh ’s gu bheil cuimhne agam air Kerry agus a piuthar, Jennifer, a bhith timcheall an taigh againn an Gearraidh na Mònadh an uair a bha mo mhàthair a’ coimhead às an dèidh greis ’s iad nam pàistean. Fiù ’s aig an ìre sin, dh’aithnicheadh tu air Kerry gun robh i farpaiseach ‘s i daonann airson làmh an uachdair fhaighinn air a’ chlann eile a bha timcheall oirre. Cha chan mi an còrr mus can mi cus, Kerry!

 
Bho Cille Pheadair gu Cathkin Braes

Ach tha e dìreach mìorbhaileach mar a tha an Gàidheal òg sa à Cille Pheadair an Uibhist a Deas, a thòisich le bhith a’ buinnig rèis Beinn Choinnich an Loch Baghasdail, air ìre a ruighinn far a bheil i a-nis am measg nam prìomh lùth-chleasaichean spòrs baidhseagal an Alba. Chan eil e air a thighinn thuice gun strì ge-tà. Aig aon ìre bha Kerry a’ cumail sìos trì diofar obraichean a thuilleadh air a bhith a’ trèanadh agus a’ farpais airson i fhèin a chur ann an suidheachadh far am biodh cothrom aice faighinn dhan sgioba a bhios a’ rèis air bruthaichean Chathkin aig deireadh na h-ath mhìos. Gu bho chionn ghoirid, cha robh an t-uamhas taic airgid aice nas motha, a bharrachd air na bha i a’ faighinn bho teaghlach, caraidean agus a’ bhùth baighseagal ionadail aice ann an Drochaid Ailean, Sruighlea.

 

Leis an sin chan e a-mhàin tàlant a tha air Kerry a thoirt chun na h-ìre seo; tha an t-uamhas obair chruaidh air a dhol a-steach ann agus tha i cuideachd air rud eile a shealltainn a dh’fheumas tu airson a bhith soirbheachail ann an spòrs - neart inntinn. Chuala mi agallamh le coidse sgioba ball-coise na h-Òlaind, Louis van Gaal, thairis air an deireadh sheachdain, far an tubhairt e nach e tàlant leis fhèin an aon rud ris a bheil e a’ coimhead ann an cluicheadair òg agus gun robh neart inntinn a cheart cho cudromach mura robh nas cudromaiche dha.

 

Carson? Uill, ann an spòrs sam bith bidh droch làithean agad a thuilleadh air làithean math air an t-slighe suas agus ‘s e mar a làimhsicheas tu na brisidhean-dùil sna dùbhlain a thig nad rathad a dhearbhas co-dhiù an tèid agad air soirbheachadh. Tha Kerry air a dhearbhadh uair is uair gu bheil an neart-inntinn sin aice, agus faodaidh tu a bhith cinnteach a-nis is i air faighinn dhan sgioba gum bi a h-aire air ciamar a gheibh i chun an ath ìre, a’ tòiseachadh le Geamachan a’ Cho-fhlaitheis.

 

A’ leantail ann an lorgan Deasach eile

Tha e annasach cuideachd gur ann à Uibhist a Deas a tha an aon duine eile a tha air na h-Eileanan Siar a riochdachadh aig na Geamachan. B’ e Geamachan na h-Ìompaireachd a bh’ orra an uair a bha Donaidh Dòmhnallach, a thogadh ann am Bòirnis, a’ ruith sna rèisean 800 meatair agus an rèis phàirteach no ‘relay’ 4 x 400 meatair ann an Cardiff air ais ann an 1958. Choisinn e cliù às dèidh sin mar choidse airson Sir Menzies Caimbeul a’ ruith an dà chuid airson Breatainn ann na Geamachan Oilimpaigeach Tokyo ann an 1964 agus mar sgiobair na h-Alba aig Geamachan a’ Cho-fhlaitheis ann an Jamaica dà bhliadhna às dèidh sin.

 

Coltach ris a’ chòrr againn bidh Donaidh tha mi an amharas a’ coimhead nan geamachan le pròis agus gu sònraichte a’ cumail sùil air a’ bhoireannach òg à eilean àraich, Kerry Nic a Phì, a bhios a’ leantail na lorgan ann an Glaschu. Seo sgeulachd cho togarrach ‘s cho misneachail ’s as cuimhne leamsa a’ buntainn ri neach-spòrs às na h-Eileanan agus cò aige tha fios nach eil an caibideil as inntinniche fhathast ri thighinn. Meal do naidheachd, Kerry!

Broadcast

  • Sat 14 Jun 2014 09:03

Lean BBC Spòrs air X

Lean BBC Spòrs air X

Spòrs ionadail, nàiseanta agus eadar-nàiseanta bho BBC Gàidhlig