Àrd-Easbaig Tartaglia air bàsachadh

  • Air fhoillseachadh
An t-Àrd-Easbaig Philip Tartaglia

Tha Àrd-Easbaig Ghlaschu, Philip Tartaglia, air bàsachadh gu h-obann na dhachaigh sa bhaile aig aois 70.

Bha Mgr Tartaglia air a bhith na Àrd-Easbaig dhan choimhearsnachd Chaitligich as motha an Alba bho 2012.

Fhuair e dearbhadh gun robh an Coròna-bhìoras air goirid an dèidh na Nollaige, 's bha e a' fèin-aonarachadh aig an taigh. Chan eil e soilleir aig an ìre seo dè thug bàs dha.

Chaidh innse do Thosgaire a' Phàp ann am Breatainn, an t-Àrd-Easbaig Claudio Gugerotti, mun bhàs.

Tha e an urra ris a' Phàp Proinnseas Àrd-Easbaig ùr ainmeachadh a ghabhas sgìre-easbaig Ghlaschu thairis, ach thuige sin bidh an sgìre fo stiùir neach-rianachd.