Busaichean dealain Inbhir Nis

  • Air fhoillseachadh
BusaicheanTùs an deilbh, Stagecoach

Tha busaichean na companaidh Stagecoach ann an Inbhir Nis uile nam busaichean dealain a-nis.

'S e seo a' chiad uair riamh a chaidh iad gu tur dealanach ann am baile sam bith an Alba.

Tha 25 bus aig Stagecoach ann an Inbhir Nis a tha a' ruith air dealain agus a' chompanaidh air £10.8m chosg orra.

Dh'innis a' chompanaidh gu bheil e comasach dha na busaichean ruith bho mhoch gu dubh leis an dealain a gheibh iad tron oidhche.

Leudachadh

Cha bhi fuaim sam bith a' tighinn bho einnsean nam busaichean.

Tha Stagecoach an dùil an aon rud a chur an sàs ann am Peairt is Dùn Pharlain anns na mìosan ri tighinn.

Chuir Ministear na Còmhdhail, Jenny Gilruth, fàilte air na busaichean ùra is i ag ràdh gun dèan seo feum a thaobh targaidean air atharrachadh na gnàth-shìde a choileanadh.

Thuirt manaidsear Stagecoach air a' Ghàidhealtachd, Dàibhidh Peutan, gu bheil e moiteil gur e Inbhir Nis a' chiad bhaile far a bheil lìonra de bhusaichean dealain a-mhàin aig a' chompanaidh.