Luaidh ga dhèanamh air Aonghas Dubh MacNeacail

  • Air fhoillseachadh
Aonghas Dubh MacNeacail

Tha luaidh ga dhèanamh air a' bhàrd Aonghas Dubh MacNeacail a chaochail aig aois 80.

Ged a bha Aonghas aithnichte airson a chuid bhàrdachd, bha cliù aige cuideachd mar chraoladair, sgrìobhadair sgriobt, duanadair opera agus eadar-theangadair.

Nochd na sgrìobhaidhean aige ann an irisean litreachais air feadh an t-saoghail agus leugh e a bhàrdachd fhèin aig fèisean litreachais ann an dùthchannan leithid na Ruis, Iapan, na Pòlainn, Israel, Canada, nan Stàitean Aonaichte agus air feadh taobh siar na Roinn Eòrpa

Chaidh an obair aige eadar-theangachadh gu grunn dhiofar chànain mar a' Ghaeilge, a' Ghearmailtis, an Eadailtis, an Fhraingis, an Eabhrais, an Fhionnlannais agus Serbo-Croat.

Toiseach-tòiseachaidh

Rugadh Aonghas ann an Ùige an Eilein Sgitheanaich ann an 1942 agus fhuair e foghlam ann am Bun-sgoil Ùige agus Àrd-sgoil Phort Rìgh.

Thòisich e a' sgrìobhadh bàrdachd aig aois 19 bliadhna.

Ach b' ann ann am Beurla a bhiodh e a' sgrìobhadh an uairsin.

Thuirt e fhèin nach tàinig e a-steach air aig an àm sin bàrdachd a sgrìobhadh sa Ghàidhlig.

Cha robh càil ri fhaotainn dhaibh san sgoil, thuirt e, ach Bàrdachd Ghàidhlig MhicBhatair a bha a' crìochnachadh le bàrdachd a chaidh a sgrìobhadh san 19mh Linn.

"Bha a' bhàrdachd a fhuair sinn san sgoil air a teasgasg dhuinn - agus bha a' Ghàidhlig air a teagasg dhuinn - mar gur e cànan marbh a bh' innte - ged is e Gàidheil a bh' annainn agus Gàidheil a bha gar teagaisg.

"Agus le sinn nuair a thòisich mi a' sgrìobhadh 's ann sa Bheurla a thòisich mi a' sgrìobhadh," thuirt e.

Chaidh e dh'Oilthigh Ghlaschu agus 's ann nuair a bha e ann an Glaschu a chaidh e an lùib buidheann sgrìobhaidh Philip Hobsbaum anns an robh daoine leithid Alasdair Gray, James Kelman, Liz Lochhead agus Tom Leonard.

B' e Mgr Hobsbaum a thuirt ris sgrìobhadh mu na nithean air an robh e fhèin eòlach, còmhairle a lean e.

Thòisich e a' nochdadh ùidh ann a bhith a' sgrìobhadh sa Ghàidhlig nuair a chaidh e gu Colaiste Langside ann an Glaschu.

Choinnich e ri Ruairidh MacNèill, à Barraigh, a bha a' teagaisg Cruinn-eòlais agus Gàidhlig ann an sin.

'S ann bhuaithesan a fhuair e eòlas air a' bhàrdachd aig Somhairle MacGill-Eain, Ruairidh MacThòmais, Iain Mac a' Ghobhainn agus Dòmhnall MacAmhlaigh, rud a thuirt e a thug "dùsgadh eagalach" dha.

Dhearbh seo dha gun robh "bàrdachd bheò fhathast anns a' Ghàidhlig" agus thug e "cead" dha tòiseachadh a' sgrìobhadh sa Ghàidhlig aig aois 25 bliadhna.

Bàrd Gàidhlig

Bha e fhathast, ge-tà, a' faicinn bàrdachd Bheurla nas cudromaiche.

Bha a' bhàrdachd Ghàidhlig fhathast na cleas caran prìobhaideach dha.

Dh'atharraich sin nuair a chaidh e gu Sabhal Mòr Ostaig ann an 1977 air caidreachas sgrìobhaidh.

Chanadh e fhèin gur ann an uairsin a chaidh e na bhàrd Gàidhlig.

Bhiodh e a' dèanamh bàrdachd san t-seann nòs agus bàrdachd san nòs ùr - agus a' togail air cuspairean traidiseanta leithid cànan, cultar, gaol, creideamh, eachdraidh agus dòigh beatha na Gàidhealtachd.

Ach cha robh càil a leisg air togail air ìomhaighean ùra leithid Hollywood agus e a' ceangal sin ris an t-seann nòs.

Rinn e grunn leabhraichean. Fhuair e Duais Stakis airson Sgrìobhadair Albannach na Bliadhna ann an 1997 airson an leabhair aige Oideachadh Ceart agus Dàin Eile.

Bha e na sgrìobhadair caidreachais ann an iomadach àite.

Bha an caidreachas sgrìobhaidh a rinn e eadar 1993 agus 1995 air a roinn eadar Oilthigh Ghlaschu agus Oilthigh Shrath Chluaidh.

Thuirt e fhèin gur e an caidreachas sin a thug air tionnadh air ais gu bhith na bhàrd dà-chànanach.

Tùs an deilbh, MNE

B' e aon de na sgrìobhadairean air an fhiolm Ghàidhlig "Seachd" a thàinig a-mach ann an 2007 agus sgrìobh e dà libretto Gàidhlig, An Turas agus Sgàthach.

Bha co-obrachadh a' còrdadh ris le gach cuid luchd-ciùil traidiseanta is clasaigeach agus luchd-ealain.

Cha robh guth seinn aige ach bha tòrr de na dàin aige ann an riochd òrain agus chuireadh daoine eile na fuinn riutha.

B' e Breisleach, 's dòcha tè den fheadhainn as ainmeile.

Choinnich e ri Dòmhnall Seathach, bho Chapercaille, air a' bhàt-aiseig gu Steòrnabhagh turas.

Bha iad eòlach air càch a chèile agus dh'innis e do Dhòmhnall gun robh òran aige a' feitheamh air fonn.

Fhreagair Dòmhnall ag ràdh gun robh fonn aigesan a bha a' feitheamh air òran.

"Cha b' urra a bhith na b' fheàrr," thuirt Aonghas.

B' e an t-òran gaoil-sa tiotal a' chlàir a rinn an còmhlan ainmeil ann an 1991 - Delirium.

Choisinn Aonghas iomadach duais is cliù rè nam bliadhna.

Chaidh a chrùnadh mar Bhàrd a' Chomuinn Ghàidhealaich aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann am Peairt ann an 2004 agus fhuair e ceum urramach bho Oilthigh Ghlaschu ann an 2013.

Ann an 2015 fhuair e duais Fletcher of Saltoun aig Comann Crann na h-Alba 'son an obair a rinn e ann an saoghal na h-ealain agus nan daonnachdan.

Bhiodh Aonghas cuideachd a' dèanamh tòrr obrach le inbhich agus sgoilearan gam brosnachadh a bhith ri bàrdachd, gu h-àraidh ann an Dùn Phris is Gall-Ghàidhealaibh far an deach leabhar fhoillseachadh le cruinneachadh den obair a rinn e fhèin 's na sgoilearan san sgìre.

Tha Aonghas a' fàgail bean, Gerda Stevenson, agus dithis chloinne.